Sèist - Chorus
An cluinn thu mi, mo nighean donn?
dèan èisd is thoir an aire dhomh,
tha mòran dhaoin' 's a' bharail seo
gur òg an leannan dhomhs' thu.
Rannan - verses
Is ged bu liath mo chiabhagan,
na cuireadh sin fo iargain thu,
chan 'eil mi sean am bliadhnachan
's bu mhiann leam bhith nad chòir-sa
Thar chuantan mòr gun seòlainn-sa
is bheirinn dhachaidh stòras dhuit
is bhitheadh tu gu dòigheil leam
rid bheò ma tha thu deònach
Nis sguiridh mi bhith 'm sheòladair
's air tìr gu fan mi còmhla riut,
on 's fhad 's a tha mi eòlach ort,
bu bhoicheach leam do dhòighean
Nis 's aithne dhuit mo dhòigean-sa
gun d' chuir mi cùl ri gòraiche
o thig, a ghaoil, 's dèan còrdadh rium
's le deòin gun tèid sinn còmhla.
Gur tric mi ort a smaoineachadh
'S ag aisling nuair nach saoil mi e
An gaol thug mi cha chaochail e
Do'm chrunneig chaoimh tha bòidheach
Craig Cockburn
craig@siliconglen.com
back to song index